Bìrlinn Chlann Raghnaill: Long a fuair foscadh in Éirinn

Research output: Contribution to journalArticlepeer-review

Abstract

’S thug sinn buidheachas don Ard-rìgh chum na dùilean
Deagh Chlann Raghnaill a bhith sàbhailt o bhàs brùideil.
’S an sin bheum sinn a siùil thana, bhallach, thùilinn
’S leag sinn a crainn mhìn-dearg, ghasda fad a h‑ùrlair,
’S chuir sinn a‑mach ràimh chaol bhasgant dhaite, mhìne
Den ghiuthas a bhuain MacBharrais an Eilean Fhìonain,
’S rinn sinn an t‑iomradh rèidh tulganach gun dearmad,
’S ghabh sinn deagh longphort aig barraibh Charraig Fheargais.
Thilg sinn acraichean gu socair anns an ròd sin,
Ghabh sinn biadh is deoch gun airceas ’s rinn sinn còmhnaidh.
Original languageGaelic
JournalComharTaighde
Volume6
DOIs
Publication statusPublished - 30 Nov 2020

Cite this