Gàidheil, Goill agus coimhearsnachd na Gàidhlig: Ideòlasan cànain am measg inbhich a fhuair foghlam tro mheadhan na Gàidhlig

Translated title of the contribution: Gaels, Lowlanders and the Gaelic community: Language ideologies among adults who received Gaelic-medium education

Research output: Chapter in Book/Report/Conference proceedingChapter (peer-reviewed)peer-review

Abstract

Ann an litreachas an t-sòisio-chànanachais, thathas a’ smaoineachadh gum bi ideòlasan cànain – mar chreideamhan agus seasamhan mu dheidhinn cànain – gu tric a’ cur ris na dòighean anns am bi coimhearsnachdan sònraichte a’ cleachdadh nan cànanan aca ann am beatha làitheil (Silverstein, 1979, td. 193; Dauenhauer is Dauenhauer, 1998, td. 64; Kroskrity, 2004, td. 496). Gu h-àraid, tha cuid de dh’eòlaichean a’ cumail a-mach gum bi ideòlasan cànain, an dà chuid ann an comann farsaing agus ann an coimhearsnachdan beaga, gu tric a’ dol an aghaidh – agus a’ tarraing sìos – nan cleachdaidhean labhairt dùthchasach aig coimhearsnachdan mìon-chànanach (Fishman, 1991, td. 395; Makihara, 2010, td. 45). Uime sin thathas a’ creidsinn gum faod sgrùdaidhean air ideòlasan cànain – a bheir sùil air na ceanglaichean eadar cleachdadh labhairt is seasamhan cànain – a bhith a’ cur ris an tuigse a th’ againn air adhbharan a th’ air cùlaibh nan atharrachaidhean sòisealta a bhios a’ nochdadh gu tric an lùib gluasaid cànain. Sa phàipear seo bidh mi a’ tarraing aire do chuid dhe na h-ideòlasan cànain a chaidh a chur an cèill le luchd-compàirt ann an agallamhan mar phàirt dhen rannsachadh dotaireil agam. Ri linn an rannsachaidh seo thug mi sùil air na cleachdaidhean, beachdan agus ideòlasan cànain a tha aig buidheann de dh’inbhich (N=130) a thòisich ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sna bliadhnaichean bu tràithe ’s a bha e ri fhaighinn ann an Alba.
Translated title of the contributionGaels, Lowlanders and the Gaelic community: Language ideologies among adults who received Gaelic-medium education
Original languageGaelic
Title of host publicationCànan agus Cultar
Subtitle of host publicationRannsachadh na Gàidhlig 8
EditorsWilson McLeod
Place of PublicationEdinburgh
PublisherDunedin Academic Press
Pages285-298
Number of pages13
ISBN (Print)9781780460581
Publication statusPublished - 2016

Fingerprint

Dive into the research topics of 'Gaels, Lowlanders and the Gaelic community: Language ideologies among adults who received Gaelic-medium education'. Together they form a unique fingerprint.

Cite this